Si Ghailig cainnt as aosda Th' aig daoine air an talamh so, Tha buaidh aic' air an t-saoghal Nach fhaodar a bhreithneachadh, Cha teid i chaoidh air dhi-chuimhn', Cha chaochail 's cha chaidil i, 'S cha teid srian na taod innt' A dh' aindeon taobh dha 'n tachair i, Tha miltean feairt, le cliu, 's le tlachd, Dha cumail ceart neo-mhearachdach, 'S i treun a neart, le briathran pailt, Cha chriòn, 's cha chaith, 's cha theirig i, Tha cuimhne 'us beachd na lorg, 's na taic, 'S cha n-iarr i facal leasaichidh. An am sinn na sailm gur binn a toirm Seach ceol a dhealbh na h-Eidailtich.

Tha fianaisean na Gailig Cho laidir 's cho maireannach 'S nach urrainn daoine a h-aicheadh, Tha seann ghnas a leantuinn ri. Tha ciall 'us tuigse nadur, Gach la deanamh soilleir dhuinn, Gur i bu chainnt aig Adhamh Sa gharadh, 's an deighe sin. Gur i bh' aig Noah, an duine coir, A ghleidh, nuair dhoirt an tuil, dhuinn i, 'S mhair i fos troimh iomadh seors', 'S gun deach a seoladh thugainne, Do thir nam beann, nan stra, 's nan gleann, Nan loch, 's na'n allt, 's na'n struthanan, 'S ge lionmhor fine fuidh na ghrein, Se fir an fheilidh thuigeadh i.

The Celtic Magazine, Vol. 1, No. 1, November 1875 — Part 35

Tha 'n t'urram aig an fheileadh Seach eideadh as aithne dhuinn, 'S na daoine tha toir speis dha Gur h-eudmhor na ceatharnaich. A' cumail cuimhn air euchdan, As treuntas an aithrichean, A ghleidh troimh iomadh teimheil, A suainteas fhein, gun dealachadh. Oh! 's iomadh cruadal, cath, 'us tuasaid, 'S baiteal cruaidh a choinnich iad; 'S bu trice bhuaidh aca na ruaig, Tha sgeula bhuan ud comharricht. 'S bu chaomh leo fuaim piob-mhor ri 'n cluais Dha 'n cuir air ghluasad togarrach, Sa dh-aindeon claidheamh, sleagh, na tuadh, Cha chuireadh uamhas eagal orr.

The Celtic Magazine, Vol. 1, No. 1, November 1875 — Part 35

THE Promoters of this Magazine will spare no effort to make it worthy of the support of the Celt throughout the World. It will be devoted to Celtic subjects generally, and not merely to questions affecting the Scottish Highlands. It will afford Biographies of Eminent Highlanders at home and abroad--Reviews of all Books on subjects interesting to the Celtic Races--their Literature, questions affecting the Land--Hypothec, Entail, Tenant-right, Sport, Reclamation--Emigration, and all questions affecting Landlords, Tenants, and Commerce of the Highlands. On all these questions both sides will be allowed to present their case, the only conditions being that the articles be well and temperately written. Care will always be taken that no one side of a question will obtain undue prominence--facts and arguments on both sides being allowed to work conviction.

The Celtic Magazine, Vol. 1, No. 1, November 1875 — Part 35